AbairThusa - Tha sibh ann mar thà!
Ceanglaichean.info - Tasglann de cheanglaichean Ghàidhlig
Craic - Twitter sa Ghàidhlig
Fòram na Gàidhlig - Coimhearsneachd airson ionnsachadh is leasachadh na Gàidhlig
GaelCast - Podcastan anns a' Ghàidhlig
Gaelic Online - Portal a' cruinneachadh ceanglaichean agus naidheachdan a tha a' buntainn ris a' Ghaidhlig
Gàidhlig-A List - Liosta phost-dealain airson còmhradh 'sa Ghàidhlig
Gàidhlig-B List - Mailing List for Gaelic Learners
Iomairtean Gàidhlig - Fiosrachadh, naidheachdan agus beachdan mu leasachadh na Gàidhlig, iomairtean Gàidhlig agus mun bhuidhinn iomairt Ghàidhlig Fàs
Schottisch-Gälisch - Bòrd-brath aig Schottisch-Gaelisch.de airson luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig tro mheadhan na Gearmailtis
Seòmar Còmhraidh - Seòmar comhraidh airson cabadaich sa Ghàidhlig
Tìr nam Blòg - Blòg nam blògaichean
Comment Wall (72 comments)
Feumaidh tu a bhith nad bhall ann an AbairThusa airson beachdan a thoirt seachad!
Clàraich
le durachd
fionnghal
Taing air son do chomhairle, a Chrìstein. Cha do rinn mi aig an àm e ge-tà; bha mi fhathast car troimh chèile mun ghnothaich ach tha mi a' fàs nas fheàrr air rudan mar sin a-nis. Chuir mi pìos ceangailte ris a' chuspair sa cholbh, 'naidheachd' an seo, agus dh'obraich e :-) Nis tha Art MacCormaig ag iarraidh freagairt bhuam agus tha mi a' smaoineachadh gum biodh e na b'fheàrr buileach an litir air fad a chur ann leis gu bheil e soillear nach d'fhuair Art an tè a chuir mi dha sa phost o chionn seachdainean air ais. Mar a thuirt mi roimhe, tha i car fada agus tha mi a' smaoineachadh gum biodh e na b'fheàrr le bhreac mar chòmhlachadh pdf a chur ann seach sgrìobhte mar 's àbhaist. Cha mhòr nach eil trì dhuilleagan A4 de dh'fhaid innte. An gabhadh a chur ann na chruth pdf?
taing, a charaid
là math buidhe Bealltainn dhut
Fionnghal
Thuirt thu, "Bu toigh leam ainm nas fheàrr a chur air an làrach-lìn seo. Ma tha beachdan agaibh an toir thu an seo iad?" anns an làrach aig Twitter.
Dè mu dheidhinn 'Bìdil no Bìgeil?
Fionnghal
Raonaid
'S ann mu dheidhinn an t-Seirbhis Ionnsachadh na Coimhearsnachd a tha i san fharsaingeachd; tha an t-seirbhis sin air a bhith cho taiceil is cho cuideachail dhuinn an seo agus dhan Ghàidhlig thar nam bliadhna ach gu h-àraidh am bliadhn-sa. Tha cùisean Gàidhlig san t-srath againn air ceum mòr a ghabhail am bliadhna agus is ann leis an t-sàr stiùireadh agus an taic a rinn sinn e. Tha dùil againn fada a-bharrachd a dhèanamh .. an-dà, bhà!
Tha Comhairle na Gàidhealtachd air cur roimpe an t-seirbhis sin a chur às, uile gu lèir! Ma dh'fhaoidte gun do leugh thu mu dheidhinn sna pàipearan ach, cha robh e soilleir sna aithrisean sin, an droch chron a dhèanadh an gluasad sin air a' Ghàidhlig. Mar sin, air sgath 'Sinne' agus 'GaaP', buidhnean Gaidhlig na sgìre againn, tha mi air sgrìobhadh do Mhgr Foxley - a chur ris a mholadh 'cur às' - agus cuideachd do na comhairlichean eile a shuidheas air a' Chomataidh Ghàidhlig aig a Chomhairle. Tha feadhainn eile ris am bi mi a' sgrìobhadh cuideachd.
A bheil dòigh air choireigin a b' urrainn dhomh a postadh air an làrach gus cothrom a bhith aig a h-uile ball a leughadh agus am beachdan a thoirt seachad? An rud air nach eil fhios a'm, a bheil iomall air meud puist as urrainn do bhuill a chur ann?
le mo thaing
Nach eil dad nas fheàrr agad ri dhèanamh air oidhche Shathairne? 'S e an leisgeul a th'agam gun do thuit mi agus rinn mi cunntas Abair Thusa le meireachd. (Neo rudeigin mar sin). Agus bha agam ri fuirich aig an taigh airson m'fhalt a nighe.
Co dhiù, ciamar a chruathachas mi buidheann far nach eil ball ach mi fhìn ann? Chan eil mi airson measgachadh leis na plebs.
...Agus mòran taing airson mo làrach-lìn a chur ri ur clàr, ann an airson Gàidhlig sa Phàirc a tha sin?
"Tha, agus air son muinntir Shinne agus daoine eile a thig ar n-ionnsaigh a' lorg fiosrachaidh"
...Ma tha sibh airson cuideigin a dhèanamh nad charaid dhuibh, thèid dhan duilleag aige/aice agus chì sibh 'Cuir ri mo chàirdean' fon dealbh aige/aice. Briog air sin agus siud e.
"mile taing, a Chrìstein, thug mi sùil air agus tha mi a-nis air son cuireadh no trì a chur"
le deagh dhùrachd
Fionnghal
An cuala tu an naidheachd gu bheil am ministear sin ann am Bail' Eòghainn, an t-Urr. Domhnall MacSuain, airson 's gum bi eaglais chruinn a' bhaile sin na h-ionad Ghàidhlig? 'S e Caoimhin a thug am pìos naidheachd gu m' aire (air làrach-lìn a' Bh.B.C.).
Ciamar a tha dol dhuit ann am Magh Nuad?
Sláinín go fóillín a chara.
Tha mi smaoineachadh gu bheil mi caran goireach leis an làrach seo. Chunnaic mi putan air son caraid a dhèanamh - tha mi eòlach air feadhainn a tha nam ball ann an seo mar-tha ged nach robh fios 'm roimhe agus bha mi air son cuireadh a chur thuca ach... cha b' urrainn dhomh an còrr a dhèanamh. Cha robh fhios 'am ciamar! :-/ Chaidh mo thoirt gu duilleig ag iarraidh orm fiosrachadh a chur ann, ach... cha do thuig mi dè bha dhith no ciamar a gheibhinn e. :-(
Feuchaidh mi a-rithist aig an deireadh-sheachdain; tha gu leòr agam rin dèanamh sna làithean ri teachd le oidhche shònraichte don luchd-ionnsachaidh againn a-màireach agus cuairt-litir a sgrìobhadh agus a chur ann clò ro dheireadh a' mhiosa!
tìoraidh an-dràst'
Fionnghal
Thoir sùil air na beachdan gu lèir